by Mary Macdonald, 1789–1872;
tr. by Lachlan Macbean, 1853–1931
1 Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl; Thàinig do’n fhàsach, dh’fhuiling ’n ar n-àite Son’ iad an àireamh bhitheas dhà dlùth! 2 Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn An greadhnachas garbh is anabarr mùirn, ’S geàrr gus am falbh iad, ’s fasaidh iad anfhann, An àilleachd ’s an dealbh a’ searg san ùir. 3 Cha b’ionann ’s an t-Uan thàinig gur fuasgladh Iriosal, stuama ghluais e’n tùs; E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh, Dh’èirich e suas le buaidh o ùir. 4 Leanabh an àigh, mar dh’aithris na fàidhean; ’S na h-àinglean àrd’, b’e miann an sùl; ’S E ’s airidh air gràdh ’s air urram thoirt dhà Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.
1 Child in the manger, infant of Mary; outcast and stranger, Lord of all! Child who inherits all our transgressions, all our demerits on Him fall. 2 Once the most holy child of salvation, gently and lowly lived below; now as our glorious mighty Redeemer, see Him victorious over each foe. 3 Prophets foretold Him, infant of wonder; angels behold Him on His throne; worthy our Saviour of all their praises; happy for ever are His own.